'S e baile mòr air an àirde an iar An Ucràin a th' ann an Zhytomyr (IPA: ʒɪˈtɔmɪr, Ucranais: Жито́мир, Pòlais: Żytomierz, Iùdais: זשיטאָמיר). Tha e suidhichte132km air falbh bho Kyiv, san roinn Zhytomyrska Oblast agus tha 271,303 duine a' fuireach ann. Chaidh Zhytomyr a stèidheachadh ann an 884 agus bhuineadh e dhan Pòlainn ro 1945.
Ann an 1991, thàinig Zhytomyr gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Zhytomyr a' bruidhinn (83.18%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (16.27%).[1] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Zhytomyr sa chiad leth dhen 20mh Linn, cha b' ann ach àn dèidh An Dàrna Cogaidh a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[2] A dh'aindeoin sin, tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann an Zhytomyr air thuiteam beagan fad na 21mh Linn.
- ↑ Ukcensus
- ↑ Harrison, M, The Soviet Union after 1945: Economic Recovery and Political Repression, Oilthigh Warick, Coventry, 2010.
- ↑ Rozaiowski W, Żywot jenerała Jarosława Dąbrowskiego. Lviv, 1878