‘S e baile mòr agus port[1] cudromach air an àirde an iar nan Stàitean Aonaichte a th’ ann an San Diego. Chaidh an t-àite seo a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1542 le Juan Cabrillo (Saighdear agus Maraiche às A' Phortagail)[2] ach cha do stèidheachadh am baile gus 1769, nuair a chuir Gaspar de Portolà misean agus daingneachadh air dòigh an seo.[3] Tha e suidhichte ri taobh na crìochan le Meagsago, aig 22m os cionn ìre na mara ri taobh A' Chuain Sèimhe, 3,652km air falbh bho Washington, D.C. (Prìomh-bhaile na dùthcha), 738km bho San Francisco, 2,784km bho Chicago agus 2,512km bho St. Louis.[4] Tha 1,322,553 duine a' fuireach ann,[5] an dàrna baile as motha na stàite agus an ochdamh fear as motha na dùthcha.
- ↑ Port of San Diego
- ↑ Biografías
- ↑ San Diego Historical Society
- ↑ Distance Calculator
- ↑ US Census
- ↑ Sister Sities