www.fgks.org   »   [go: up one dir, main page]

BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 24 An t-Ògmhios, 2008 - Air fhoillseachadh aig 13:25 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Gàidhlig air lèintean rugbaidh na h-Alba
 
Tha ALBA mar thà a' nochdadh air lèintean ball-coise na dùthcha
Dhearbh Aonadh Rugbaidh na h-Alba gu bheil iad a' beachdachadh air iarrtas airson am facal - ALBA - a chur air lèintean sgioba rugbaidh na dùthcha.

Nochd an t-iarrtas an toiseach air athchuinge air an eadar-lìon a chaidh a chur air dòigh leis An Lìog Ceilteach.

Tha seo a' leantainn iomairt soirbheachail a bh'ann sa Chuimrigh gus CYMRU fhaighinn air na lèintean Rugbaidh acasan.

Agus cuideachd iomairt soirbheachail eile a bh'ann ann an 2006 gus Alba faighinn air lèintean sgioba ball-coise na dùthcha - ged tha cuid fhathast ag iomairt gus am facal a chur air aghaidh na leine seach air a cùl.

Ìomhaigh na Gàidhlig

Tha cuid a' creidsinn gun toir seo spionnadh do dh'ìomhaigh na Gàidhlig:

"Tha an t-uabhas daoine a' coimhead nuair a bhios na gèamachan mòr rugbaidh ann, tha an t-uabhas a' coimhead air an telebhisean agus nam faiceadh iad am facal ALBA ann a shin, mura robh fios aca dè th'ann, bhiodh iad airson faighinn a-mach" thuirt fear de luchd-leanntainn sgioba na h-Alba, Dòmhnall Mac a' Ghobhainn.

Mar sin, the mi a' smaoineachadh gun cuireadh an ìomhaigh a' Ghàidhlig air adhart glè mhath."

Mhìnich e cuideachd gu bheil e a' creidsinn seach gu bheil uimhir den luchd-leanntainn a' cur orra an fhèilleadh agus an lèine aig na geamannan gum biodh iad ag iarraidh ALBA air na lèintean.

 'S e ceum math a tha ann airson a' Ghàidhlig a thoirt gu aire an t-sluaigh
 
Iain MacLeòid

Ged nach eile an athchuinge air a bhith air loidhne, ach bho chionn ghoirid, tha gu leòr air an ainm a chur ris - nam measg Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain MacLeòid.

Na bheachd-san, leis gu bheil ainmean bhuidhnean tric a' nochdadh air na lèintean rugbaidh, a' comharrachadh an taic a tha aca do sgioba nàiseanta, gum biodh e iomchaigh nam biodh ALBA a' nochdadh air cuideachd:

"Bhiodh e glè mhath nam biodh an aon rud fìor mu dheidhinn an fhacal Alba, agus gum biodh e air a chomharrachadh air na lèintean sin agus a' toirt ìomhaigh na Gàidhlig gu aire sluaigh 's dòcha nach biodh ga fhaicinn mura biodh sin.

"Aire an t-sluaigh"

"Gu sònraichte nuair a bhios e air an telebhisean agus ga chraoladh air feadh an t-saoghail agus tighinn a-steach do dhachaighean ann an Alba agus àiteannan eile.

"'S e ceum math a tha ann airson a' Ghàidhlig a thoirt gu aire an t-sluaigh"

Ann am brath-sgrìobhte, thuirt Aonadh Rugbaidh na h-Alba gu bheil an lèine nàiseanta gu math cudromach dhaibh agus gu feumar a bhith faiceallach a thaobh a bhith a' toirt atharrachadh sam bith oirre.

Ach, thuirt iad gu bheil iad mothachail gu bheil iarrtas ann ALBA a chur air an lèine, agus gu bheil iad an-dràsta a' beachdachadh air a' chùis.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy