www.fgks.org   »   [go: up one dir, main page]

Am bi sibh a’ toirt mo dhàta do bhuidhnean eile?

Air ùrachadh: 28 An t-Sultain 2017

Bidh sinn a’ cleachdadh do dhàta airson cùisean a leasachadh a bheir buannachd dhut fhèin. Tha ar seirbheis a’ ciallachadh gum bi sinn a’ cumail do dhàta taobh a-staigh a’ BhBC mur a toir thu cead dhuinn a sgaoileadh, mar eisimpleir:

  • Nuair a dh’iarras tu oirnn no nuair a bheir thu do chead
  • Airson stuthan agus seirbheisean a thoirt thugad tro nithean le com-pàirtiche
  • ma dh’aontaicheas tu ri pearsanachadh agus puist-d le sanasachd, airson fiosrachadh iomchaidh a thoirt dhut tro do mheadhanan soisealta, gus innse dhut mu phrògraman BBC agus artaigilean a dh’fhaodadh còrdadh riut

Ann an suidheachaidhean sònraichte dh’fhaodar d’ fhiosrachadh a sgaoileadh gun do chead ma tha sinn den bheachd gu bheil thu a’ briseadh an lagh, mar eisimpleir le cainnt gràin agus tha an leithid ceadaichte fo na laghan iomchaidh, a’ gabhail a-steach lagh dìon dàta.

Ma chleachdas tu an làrach-lìn againn no apps air taobh a-muigh an RA, dh’fhaodadh e bhith gun cleachd ar com-pàirtichean sanasachd do dhàta airson sanasan a shealltainn dhut air seirbheisean BBC agus an àiteachan eile air-loidhne.

Nuair a bhios sinn a’ sgaoileadh do dhàta taobh a-muigh a’ BhBC...

Nì sinn cinnteach:

• Gu bheil e air a roinn ann an dòigh a tha sàbhailte
• Gun tèid dèiligeadh ris ann an dòigh a tha co-chòrdail ri ar gealltanas a thaobh prìobhaideachd
• Nach leig sinn le companaidhean eile a chleachdadh airson am margaidheachd fhèin a thoirt thugad

Nuair a bhios sinn a’ sgaoileadh do dhàta taobh a-staigh a’ BhBC

Dh’fhaodadh sinn do dhàta a sgaoileadh gu roinnean eile dhen BhBC airson rannsachadh, anailis, margaideachd no Ceadachd TBh. Dh’fhaodadh seo gabhail a-steach roinnean malairteach dhen BhBC, mar BBC Worldwide. Mar eisimplier, nuair a cheannaiches tu rudeigin bho BBC Store. Faodar leughadh mu Phoileasaidh Phrìobhaideachd BBC Store an seo.

Tagh cànan: EnglishCymraeg