www.fgks.org   »   [go: up one dir, main page]

This website has an optional login for website subscribers below. To customise the web content and receive email updates, register here.

About the Council
Save this page

Cothrom air fiosrachadh

Tha sinn dealasach a chùm a bhith a' cumail ri prionnsabalan fosgarrachd agus follaiseachd nar n-obair agus tha sinn a' sireadh a bhith a' foillseachadh - ann an dreachd ruigsinneach - nas urrainn dhuinn de dh'fhiosrachadh 's a tha gu reusanta comasach mu ar gnìomhan,
co-dhunaidhean agus ar n-obair.

Saorsa an Fhiosrachaidh

Tha Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 a' toirt còirichean coitcheann don phoball cothrom fhaighinn air gach seòrsa de dh'fhiosrachadh clàraichte a tha air a chumail le ùghdarrasan poblach na h-Alba. 'S iad a dhà de na prìomh fheartan den Achd FOI:

  • còir coitcheann cothrom fhaighinn air fiosrachadh a tha againn;
  • ach le bacaidhean sònraichte; agus
  • ann an suidhichidhean far a bheil fiosrachadh bacaichte bho bhith air fhoillseachadh, tha dleastanas air a' Chomhairle innse don tagraiche a bheil am fiosrachadh air a chumail againn; agus, ach a-mhàin far a bheil casg buileach ann, am fiosrachadh sin a thoirt don tagraiche mur eil ùidh phoblach ann gun seas am bacadh agus gu bheil sin nas cudromaich na am fiosrachadh a leigeil am follais.

Tha an Achd ag agairt air gach buidheann poblach an Alba gabhail ri agus cumail suas Sgeama Foillseachaidh, agus fiosrachadh fhoillseachadh a rèir an sgeama sin. Gheibhear lethbhreac de Sgeama Foillseachaidh na Comhairle an seo.

Tha an Sgeama Foillseachaidh a' mìneachadh:

  • dè an fhiosrachadh a tha air fhoillseachadh leis a' Chomhairle;
  • an dòigh sa bheil am fiosrachadh air fhoillseachadh;
  • a bheil am fiosrachadh an-asgaidh agus, mur eil, dè na cosgaisean a tha na lùib; agus
  • ciamar a dh'iarrar fiosrachadh nach eil fon Sgeama.

Tha an Sgeama Foillseachaidh a' toirt cunntais air an fhiosrachadh a tha sinn dealasach a bhith foillseachadh. 'S e ar n-amas fiosrachadh a bhith ri fhaotainn an uair a tha e comasach gu laghail dhuinn sin a dhèanamh, ach a-mhàin far a bheil sinn dhan bheachd gun adhbhraicheadh e cron nam foillsicheadh sinn e. Ann an suidhichidhean mar sin, cumaidh sinn fiosrachadh bho bhith air fhoillseachadh le bhith cleachdadh bacadh iomchaidh ann an Achd FOI.

Mur a lorg sibh am fiosrachadh a tha a dhìth oirbh no ma tha bacadh air sgrìobhainn feumaidh sibh iarrtas a chur ann an sgrìobhadh gu:

Oifigear Dìon Fiosrachaidh agus Cothrom
Comhairle Maoineachaidh na h-Alba
Taigh Donaldson
97 Barraid Haymarket
Dùn Èideann
EH12 5HD
Fòn: 0131 313 6691
Post-d: info@sfc.ac.uk

Freagraidh an t-Oifigear Dìon Fiosrachaidh agus Cothrom taobh a-staigh 20 là-obrach. Dh'fhaodadh casg a bhith air an fhiosrachadh gu lèir a bhith air fhoillseachadh agus anns an
t-suidheachadh sin, gheibh sibh an cothrom tagradh iarraidh an aghaidh a' cho-dunaidh.

Dìon dàta

Tha Achd Dìon Dàta 1998 a' cur an cèill riaghailtean airson a bhith a' pròiseasadh fiosrachadh pearsanta agus tha seo a' bualadh air gach clàr a tha air a chumail. Tha an Achd Dìon Dàta ag obrachadh ann an dà dhòigh. Tha i a' toirt ceadan sònraichte do dhaoine fa-leth agus tha i cuideachd a' mìneachadh gum bu chòir dhan fheadhainn a tha a' clàradh agus a' cleachdadh fiosrachadh pearsanta na h-ochd prionnsabalan 'deagh làimhseachadh fiosrachaidh' a leantainn. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun Achd agus ar dleastanasan ann am Poileasaidh Dìon Dàta na Comhairle no air Coimiseanair Fiosrachaidh an RA.

Tha Achd Dìon Dàta 1998 a' leigeil leibh faighinn a-mach dè am fiosrachadh mur dheidhinn a tha aig Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, canar 'iarrtas cothrom cuspair' ri seo.

Gus 'iarrtas cothrom cuspair' a dheanamh sgriobh gu:

Oifigear Dìon Fiosrachaidh agus Cothrom
Comhairle Maoineachaidh na h-Alba
Taigh Donaldson
97 Barraid Haymarket
Dùn Èideann
EH12 5HD
Fòn: 0131 313 6691
Post-d: info@sfc.ac.uk 

Feumaidh sibh fianais dearbhadh fèin-aithne iomchaidh a thoirt seachad leithid lethbhreac de ur cead-siubhail, teisteanas-breith no cead-draibhidh mus tèid dèiligeadh ris an iarrtas agaibh. Dh'fhaodadh gum feum sibh cìs a chosgas suas gu £10 a phàigheadh, a rèir na bhios ann de dh'obair.

Feuch am bi sibh cho soilleir 's a ghabhas mun fhiosrachadh a tha sibh a' sireadh (mar eisimpleir, ma 's e an dàta phearsanta agaibh mar sheann neach-obrach a tha a dhìth oirbh, thoiribh seachad na cinn-latha obrach agaibh). Airson dèiligeadh ris an iarrtas agaibh cho luath 's a ghabhas, 's dòcha gum bi sibh airson an fhoirm iarrtas cothrom cuspair againn a phriontadh agus a lìonadh a-steach.

Cuimhnich gun cuir sibh seic £10 agus dearbhadh fèin-aithne thugainn an cois an fhoirm.

Aon uair 's gu bheil sinn air an iarrtas cothrom cuspair agaibh fhaighinn, a' chìs a chaidh aontachadh agus an dearbhadh fèin-aithne, gheibh sibh freagairt bhuainn taobh a-staigh 40 là agus faodaidh sibh lethbhreacan fhaighinn de dh'fhiosrachadh sam bith a th' againn mur deidhinn. Ach, dh'fhaodadh gum biodh bacaidhean air fiosrachadh fhoillseachadh a' buntainn ri cuid de shuidheachaidhean.

Gheibh sibh tuilleadh stiùiridh mu bhith a' faighinn cothrom air ur fiosrachadh pearsanta bho Coimiseanair Fiosrachaidh an RA.

Ma tha sibh ag iarraidh taic sam bith ann a bhith a' lìonadh a-steach ur
n-iarrtas airson saorsa fiosrachaidh no ur n-iarrtas cothrom cuspair no ma tha sibh airson bruidhinn ri neach-obrach mun fhiosrachadh a tha againn, cuiribh fios chun Oifigear Dìon Fiosrachaidh agus Cothrom again, Fòn: 0131 313 6691.